Coll The Coll Magazine
 
 

Article by I. nicC. (1984)

An Colb Gaidhlig
 
Air Chuairt

Tha faisg air bliadhna bho na sgrìobh mi mìon-fhocal air an eilein seo, agus ged tha iomadach cuspair air am faodainn sgrìobhadh, thadh mi sraìd a ghabhil bho Shorasdal gus an ruiginn a Ghallanaich, ‘sgun d’thugainn dhuibh smuain air na hainmean a tha air gach cnoc’s gach lag’ri taobh an rathaid, ach gu dearbh, mun d’téémi nas fhaide, femar innseadh, ged nach eil moran eolas agam fhéin air na h-ain-mean ion-mhuninneach seo, cha robh Iain (Johnny) ann an Sorasdal aìtheasach gum’chyuideachadh, agus tha mi mòran ‘na chomuin, air son a chuideachaidh.

An déidh aoidheach gu leoir, mar is abhaist, bho Jhonnie, thog mi orm gus an d’ràinig mi Cnoc Mhic Fhàirlein, ri taobh deas an rathaid, Cnoc Na h-Uaimh Maimh, agus sìos seachad air a Chuaire Mhòr ràinig mi Druim nan Càrn, Lian Eileirig air taobh tuath an rathaid, augs A Chreag Chaoruinn air an taobh dheas. Roimhe sin tha Am Bealach Cumhang (agus gu firninneach tha e cumhang) far am faicear clach tha e cumhang) far am faicear clach air am biodh na maighdeanan ‘s na gillean a suiridh.

Leanaidh mi orm gu Cnoc na Cachala, gus an ruig mi Cnoc Tràigh Eileirig, agus air taobh eile an rathaid Meall a Ghearrain. Rachainn roimh ‘n gheata a tha dealachadh Sorasdal bho Bhousd gus an ruig mi Cùl na Glaice Duibhe far am bheil e air iomrachadh gun robh Cladh ann uaireagan an t-saoghail. Air an taobh thall dhe seo tha Cnoc an t-Síoltaich agus Cnoc na Glaice Duibhe agus beagan air thoiseach thig mi gu uchd a Ghrianain agus am Baca Mòr gus an ruig mi An Sruthan Frógach, Bealach an Lochain agus Cnoc an Tìghe air a cùlaibh. ‘Nuain dh’fhàgas mi’n Ghliac ruigidh mi a’Chreag Ghlas ris an abradh ìad Creag Aoradh (a worshipping stone) tigh Sgoil Chórnaig le Cnoc a Bhàigh mu choinneamh agus Cnoc na h-Uaimh air a chùlaibh. Beagan air aghaidh thig mi gu “Tigh Gusta”, Bealach an t-saoir gus an ruig mi Tigh
Chórnaig, Druim na Hùrach,
Glaic na Bearbhaig,
a’ Ghlumag Mhòr,
Bac a’ Choilich suas gu Cornaig Bheag agus sìos seachad gu Cachala Cnoc an t-Suire, a Mheallach Bheag, Meall a Chàmhail agus Uchd nan Càrn gus an d’téid mi thar na drochaid gu Cnoc a Liubhairt far am b’abhaist na croiteirean an cuid stoc a reic, gu Tobhtrachan Ailein Chamsroin;agus air an taobh des Toraston ris an abrair Balaraig.

Na’s fhaide air aghaidh tha àite tiodh-lachaidh an eilein ris an abrar Cill Ionnaig, suas am bruthach gu Bealach n Gaoithe agus sìos an taobh eile gu Trìallain agus Cnoc Ealabruing gus an ruig mi A Ghallanaich far an do chuir mi crìoch air mo chuairt.
Images associated with this article:-

Sorasdal
Coll Magazine - Article by I. nicC.

Home | Original Issues | Authors | Images | Contact | Search

©2007 The Coll Magazine