"Machair! Machair! Machair!" Chan eil am beul gach duine ach "Machair", co dhiubh thuigeas iad Gaidhlig o nach tuig. Gu dearbh, cha móhr nach eil e a córdadh rium fhein cho math ris "An Rathad Ard", 's cha 'n e sin an córdadh beag. Chàn urrain nach eil e toilinn teachas gun d'fhuair sinn nudan gaidhlig air "an telly" mu dheiredh à tha córdadh ris a ehuid as motha dh'ant-sluagh a tha'ga fheitheamh,
Ge b'e cho math 's a tha e, thig arm a ràdh nach eil mi a tuigsinn cuid dheth, 's gur math an rud gum bheil e air eadar theangachadh.
'Se mo bharalsa, gum bheil iad a' bruidhinn car luath, air mo shonsa co dhiubh, agus mur an éisd thu gu dian, bithidh na sùilean a dol seabhaid chun nan "sub-titles", ach mu dh'fhaoide nan robh sinn a'brúidhinn barrachd Gaidhlig ('s mòr am beud nach eil ach gann na daoine a bhriudheanns i) gum biodh Machair na's fhasa a thuigsinn. Biodh sinn mar a bhitheas e, dh'abrainn gum bheil e aighseach, facal math Tireasdach, agus tha mi'n dò chas gun cùm iad a dol e air son iomadaeh latha.