Coll The Coll Magazine
 
 

Article by George Dr MacLennan (1987)

Turus do Eilean Cholla
 
Turus do Eilean Cholla

Nuair a bha mi ann an eilaean Cholla an uiridh, thug e móran tlachd dhomh gu robh cothrom agam, a measg iomadach rud eile, Gàidhlig a chluintinn agus a bhruidhimm. ‘S e rud ionmholta, saoilidh mi, gu bheil na Gaidheil agus an cànain an sin fhathast, a dh’aindeoin na h-uiread de Lochlannaich, Goill, agus Shasunnaich a th’air a bhith fuireach ‘san eilean fad n linntean. ‘S e deagh Ghàidhlig a th’aca cuideachd. Chan eil cus Bheurla a’tighinn a staigh, mar a chluinneas tu ann an àiteachan eile. Tha mi a’dèanamh dheth gu bheil ùidh aig na Collaich ‘sa chànain aca; tha cuimhne ‘am air Katina Domhnullach ag innse dhomh mu eiadardhealachadh no dhà eadar Colla agus Tiriodh a thaobh cainnt. ‘S ann aicese bu chòir fios a bhith co-dhiù, agus ise i fhéin a Tiriodh. Bha Lachie, an duine aice, gu math eòlach air eachdraidh an eilein cuideachd, mar a fhuair mi a mach nuair a thadhal mi air an dithis aca aig an dachaidh – an dearbh taingh anns an do rugadh Lachie fhéin.

‘S ann shuas ann an Sorasdal a chi thu an diugh có ris a bha clachan an eilein collach ‘sna seann làithean. B’e siud an t-àite a b’fheàrr a chò rium, feumaidh mi aideachadh. Sin far am faic thu tobhtaichean seann taighean tugha. Sin cuideachd far a bheil an taigh aig Seanaidh Glaic, mar a chanas muinntir an àite ris. ‘S e Taigh tugh a th’aigesan cuideachd, ged nach eil cuimhne agam a nis an e muran no luachair a th’air a’mhullach. Co-dhiù, chuir e fáilte oimn a h-uile turus a chaidh sinn gu Sorasdal, far a bheil e fuireach leis fhéin – ach a mhàin na caoraich – a’chuid is motha de’n bhliadhna.

A’bruidhinn air caoraich, tha iomadach seòrsa ri fhaicinn mun cuairt air na caistealan; crodh gu math pailt cuideachd, oir tha Breacachadh cianail torach an taca ri roinnean eile de’n eilean. Mar a tha fios aig a h-uile duine, tha dà chaisteal aig Breacachadh, an seann fhear ann an staid na’s fheàrr n’am fear eile, rud a tha airidh air moladh ma smaoinicheas tu air na duilgheadasan a tha co-cheangailte ri leasachadh sam bith ann an àite cho iomalach.

Mus deach mi do’n eilean leugh mi na leabhraichean a sgriobh Betty Nic Dhùghaill agus a h-athair mu eachdraidh agus beul aithris. Tha iad fior eòlach air sluagh an eilain; is aithne dhaibh a h-uile duine a tha ‘san eilean an diugh agus a bh’ann ‘sna linntean a dh’fhalbh – có as a thàinig iad, càit an deach iad, an càirdeas a th’eàdorra, augs mar sin air adhart. Bha sinn uile air leth toilichte nuair a thàinig I a bhruidhinn ruinn aig Taigh na Mara. ‘S ann an sin a bha sinn a’fuireach còmhla ri Raibeart agus Ruth Sturgeon – taigh ùr , blàth, cofhurtail, le cleachdaidhean neo – àbhaisteach, leithid a’dòrtadh bùrn ort nuair a shuidheas tu sios aig a’bhòrd air a’chiad oidhche. Ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin …

An t-ollamh Seòras MacGillinnein
(Dr. George MacLennan)
Coll Magazine - Article by George Dr MacLennan

Home | Original Issues | Authors | Images | Contact | Search

©2007 The Coll Magazine